Jump to content

Cearcall

O Uicipeid
Cearcall

Is e cruth geomatrach a tha ann an cearcall. Tha cearcall coltach ri fàinne, ach gun tiughad, théid a riochdachadh le loidhne a chromas gu cunbhalach mus an còinneach e le a phuing tòiseachaidh. Is feart chearcaill sam bith, gum bith gach puing air a chuairt-loidhne aig a h-aon astar bho puing stéidhichte. Chanar lar a' chearcaill ris a' phuing seo agus an reidius ris an astar eadar lar agus cuairt-loidhne. Tha e soilleir gu bheil an reidius co-ionnan ris an leth-phàirt de trast-thomhais a' chearcaill.

Tha cruth chearcall coltach ri cruth cearcall air bith eile, agus do bhrìgh sin, tha e soilleir gum bith an riochd eadar trast-thomhais chearcaill agus fad cuairt-loidhne a' chearcall na cunbhalach coitcheann.

Far a bheil an litir T a' riochdachadh fad an trast-thomhais agus an litir C a' riochdachadh fad a' chuairt-loidhne is fìor gu bheil

C/T=Cunbhalach Coitcheann

Tha an Cunbhalach coitcheann seo comharraichte leis an litir Greugais π ( "pi")

Mar sin: π = C/T

Cha lorgar Dearbhadh Deireannach air luach π, ach tomhaisear e a bhith dlùth ri 22/7 neo 3.142.

Feartan chearcaill

[deasaich | deasaich an tùs]

Foirmle airson cuairt loidhne

[deasaich | deasaich an tùs]

O chionn 's gu bheil π = C/T

C = πT

Ach, far a bheil r a riochdachadh reidius a' chearcaill, o chionn 's gu bheil T = 2r

Cuairt-Loidhne = 2 × π × reidius

Sgrìobhta gu àbhaisteach: C = 2πr

Foirmula airson farsaingeachd

[deasaich | deasaich an tùs]

Tha π a' nochdadh a-rithist anns an fhoirmle airson farsaingeachd de chearcall. Tomhaisear farsaingeachd an aonadan ceàrnach, stéidhichte air tomhais fad, tha gach aonad ceàrnach a' riochdadh farsaingeachd de raon a bhitheadh aonad farsaingeachd cho fad agus cho leatha ri tomhais an fhad a' cuibhrigeadh. Nan robh ceàrnach le taobh T aonadan 's an fhad sgrìobhta air raon, bhiodh farsaingeachd a' cheàrnaich = T x T tomhaiste an aonadan cheàrnach.

Far a bheil an litir A a riochdachadh farsaingeachd chearcaill, reiteachar tomhais an fharsaingeachd leis an fhoirmle:

farsaingeachd = π × reidius × reidius

neo, A = πr2.

Ceanglaichean a-mach

[deasaich | deasaich an tùs]
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo:
pFad - Phonifier reborn

Pfad - The Proxy pFad of © 2024 Garber Painting. All rights reserved.

Note: This service is not intended for secure transactions such as banking, social media, email, or purchasing. Use at your own risk. We assume no liability whatsoever for broken pages.


Alternative Proxies:

Alternative Proxy

pFad Proxy

pFad v3 Proxy

pFad v4 Proxy